Testimonials

 

“Tha Gàidhlig aig Baile air fàs glé chudthromach ’nam bheatha. Tha uiread de spòrs anns na clasaichean, tha na daoine cho càirdeil agus ionnsaichidh tu an t-uamhas cho luath. Tha e air a bhith ’na dhòigh eireachdail dhomhsa a dhol air ais chun dualchais a’s toil leam.”
- Debra NicDhòmhnaill Parsons

“ Tha na clasaichean spòrsail, éifeachdach agus beòthail. Tha na sgoilearan càirdeil agus tha an fhaireachdainn anns a’ chlas agus an tidsear cuideachdail.”
- Trudy Fong

“ ‘S e am Modh-teagaisg Gàidhlig aig Baile, ’nam bharail-sa, an dòigh cànain eile ’ionnsachadh a tha air còrdadh rium as motha agus a tha air a bhith nas éifeachdaich na dòigh sam bith eile air an robh mi eòlach. Tha na clasaichean neo-fhoirmeil, fuasgailte agus làn spòrsa.”
- Jennifer Richards

“A bharrachd air a bhith gu math spòrsail, tha clasaichean Gàidhlig aig Baile soirbheachail. Tha mi ag ionnsachadh na h-uibhir.”
-Raylene NicRaing

“Bhon a thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig o chionn còrr is bliadhna, tha mi air dol bhon a bhith gun fhacal idir gu fileantas ann a’ còmhradh bunasach. Cha b’ urrainn seo a dhèanamh ás aonais modh-teagaisg Gàidhlig aig Baile. Bha e spòrsail, furasda agus neo-chràiteach! Bidh am modh-teagaisg seo ag amas air faclan a dhaingneachadh le dealbhan is stuth léirsinneach eile: thatar ag ràdhainn gur i seo an dòigh as fheàrr gus cànain ùr a thogail. Faodaidh an rathad gu fileantas a ghearradh gu mór leis a’ mhodh-teagaisg seo—dòigh a chaidh a dhearbhadh!”
-Pàdraig Bennett