
Fàilte
‘S i pàirt riatanach fèineachd na h-Alba Nuaidh a th’ ann an Gàidhlig. ‘S i cànan le dìleab beartach ann an seanchas, bàrdachd, òrain, agus litreachas. Tha ceudan mìltean de mhuinntir na h-Alba Nuaidh agus milleanan de mhuinntir Chanada ceangailte ri cultar nan Gàidheal troimh an sinnsearachd. ‘S miann le Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile (The Gaelic Language Society of Halifax) an ceagail seo a dhionadh is a thogail suas le bhith a’ tairgsinn chursaichean Ghàidhlig ùr-gnathaichte, a’ cur air dòigh tachartasan a bhios a’ comharrachadh cultar nan Gàidheal, agus a’ toirt coimhearsnachd gu luchd-Gàidhlig ann an sgìre Halafacs.
Tha an làrach-lìn seo air a cruthachadh gus sealladh slàn a thoirt do luchd-tadhail ùra dhe na classaichean is gnìomhan Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile, agus a bhith mar dhoras choimhearsnachd is inneal-ionnsachaidh airson muinntir Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile. Faighibh air an liosta puist-dhealain againn gus fios fhaighinn mu thachartasan ann an Halafacs agus air feadh Alba Nuaidh. Agus an rud as cudromaiche, cuiribh ur n-ainmean sìos airson nan clasaichean againne — tha spòrs mór ann an ionnsachadh na Gàidhlig còmhla ri Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile!
Aithris-Rùin
Tha Comann na Gàidhlig ann an Halifacs a’ brosnachadh, a’ tairgseadh, agus a’ toirt taic do dh’ionnsachadh-ionadail mu Ghàidhlig Albainn Nuaidh do dhaoine de gach aois ann am Baile Roinneil Halifacs.
Aithris Léirsinn
‘S e buidheann beòthail agus adhartach a th’ ann an Comann na Gàidhlig Halifacs a tha a’ fastadh, a’ leasachadh, agus a’ comharrachadh luchd-Gàidhlig ann an coimhearsnachd shoirbheachail fàsmhor ann am Baile Roinneil Halifacs.
Amasan
Brosnachadh cànan, seann-traidiseanan, is cultar nan Gaidheal ann an Albainn Nuaidh.
Cleachdadh Gàidhlig aig Baile mar mhodh-teagaisg.
Cruthachadh cothroman bruidhinn.
Tìodhlacan
‘S e ur taic-airgid a bheir an cothrom dhan Sgoil Ghàidhlig barrachd chlasaichean, bhogaidhean agus cuideachaidh a thairgsinn do dh’ oileanaich air a bheil feum air a leithid sin de thaic. Nam biodh sibh deònach tiodhlac a thoirt dhan Sgoil Ghàidhlig, bhiomaid gu math taingeil.