Mu ar dèidhinn
Mu Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile
Chaidh Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile a cur air dòigh ann an 2005 agus tha i air a dhèanamh le daoine aig a bheil dealas gus cultar is cànan nan Gàidheal a glèidheadh is a leasachadh taobh a-staigh na coimhearsnachd ann an sgìre Halafacs.
Chuir a' bhuidheann prògram soirbheachail air dòigh anns an t-Samhainn/ Dùbhlachd 2005, far an d' fhuair luchd-oide trèanadh anns a' mhodh-teagaisg Gàidhlig aig Baile a bharrachd air tairgsinn ionnsachadh na Gàidhlig do na com-pàirtichean. On Fhaoilleach 2006, tha Sgoil Ghàidhlig air a bhith a' tairgsinn bhùithean-obrach TIP fad latha dà thuras gach mìos ann an sgìre Halafacs.
Cuideachd, bidh a' bhuidheann a' tabhann trì clasaichean-oidhche gach seachdain airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig caochladh ìrean. Bidh Sgoil Ghàidhlig a' cur air dòigh cùrsa bogaidh fad seachdain gach samhradh, a thuilleadh air an tachartas togail-airgid Na Sgeulaichean gach Cèitean.
Ìomhaigh na Gàidhlig
Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile / Tha e 'toirt toileachais mhóir do dh' Oifis Iomairtean na Gàidhlig a làmh a chur ris an Ìomhaigh Ghàidhlig airson a' Riaghaltais mar a chaidh a dèanamh agus a taisbeanadh aig Comhairle na Gàidhlig ás leth na coimhearsnachd Ghàidhealaich.
'S ann anns an ìomhaigh am bradan ann an cruth na litreach 'G'. Tha am bradan a' riochdachadh coimeis na fiosrachaidh 'sa Ghàidhlig ann am bial-aithris na h-Albann Nuaidh, na h-Albann, na h-Éireann agus an Eilein Mhanainn.
Tha an 'G' a' riochdachadh na Gàidhlig agus 's ann a's na tuinn teannraidhean na cànain troimh' a cuid chultair: òrain, sgeulachdan, ceòl, dannsa, agus nòsan is creideamhan.
An Naidheachd air Fionn MacCumhail agus am bradan.
A nist 's e Fionntan a bh' ac' air a' bhradan seo 'san t-seann aimsir agus e fear dhe na sìor-mhaireannaichean agus rachadh e air ith' agus dh' fhuiricheadh beò e. Ach 'sa linn aig Finegas 's e Bradan na Linne Faiche a bh' ac' air, is sin an t-àite far a leudaicheas an abhainn bhàn amach air linne mhóir chiùin le bruthaichean uaine a' dol suas gu bog ás an uisge shoilleir dhonn. Seachd bliadhna is Finegas a' coimhead air a' linne, ach cha bheireadh air a' bhradan gus an d' thàinig Fionn MacCumhail a bhith 'na fhear-leanmhainn dhà. Is an uair sin, thug Finegas gu Fionn e airson bruich, ag iarraidh air nach itheadh e sian dheth. Ach nuair a chunnaic Finegas e 'tighinn leis an iasg, bha fhios aige gun do dh' éirich sian air, a chionn gum b' àbhaist do shùil a' ghille òig a bhith aige ach a nist bha sùil an t-saoi aige. Arsa Finegas, "An do dh' ith thu am bradan?" "Cha do dh' ith", thuirt Fionn MacCumhail. "Ach loisg e mi mar a thionndaidh mi e air a' rois-iarunn agus chuir mi mo chuid òrdaig 'nam bhial." Bhuail Finegas a làmhan ri chéil' agus e sàmhach treis bheag. Is a' sin thuirt e ris a' ghille a bha r'a thaobh gu h-umhail, "Thoir thusa am bradan is ith e, Fhinn, mac Cumhail, a chionn 's dhut-as a thàinig an fhàisnich. Tog thusa ris, a chionn 's chan urrainn dhomh do theagaisg tuilleadh, agus gach buaidh is piseach ort."