Clasaichen

FIOSRACHADH AIR NA CLASAICHEAN

Théid fios a thoirt dhuibh air far am bi na clasaichean agus air mion-chunntasan eile nuair a nì sibh clàradh troimh mheadhon post-dealain. Ma bhios ceisdean agaibh air na clasaichean, nach cuir sibh thugainn iad? Ma ’s toil leibh, nach tig sibh air chéilidh air clas no dhà agus chì sibh na tha iad ris? Seach nach eil tuilleadh’s a chòrr de dh’àitean anns na clasaichean, ’s e an fheadhainn a chlàraicheas tràth a gheobh iad. Tha sinn an dòchas ur faicinn’s an t-seasan seo! Gus barrachd ’ionnsachadh air mar a bheir na cùrsaichean cànain nua- thionnsgach seo cothrom dhuibh a’ Ghàidhlig a thogail, cnag a’ seo.

Winter sessions
Advanced Beginner
Tuesdays - Starts Jan. 10 (8 weeks) 6:30 - 9:00 pm
Laura Stirling
Rockingham
$100





Advanced (Skype Class)
Tuesday or Wednesday - Starts in January (8 weeks) 4:00 - 6:00 pm
Kathleen Reddy
$175





Intermediate
Wednesdays - Starts Jan. 11 (8 weeks) 6:00 - 8:30 pm
Beth Anne MacEachen
Citadel High, Halifax
$100





Beginner
Wednesdays - Starts Jan. 11 (8 weeks) 6:30 - 9:00 pm
Laura Stirling
Rockingham
$100





 

Poileasaidh a' Chlàraidh

Bidh Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile a’ cur fàilt’ air duine sam bith aig a bheil suim anns a’ Ghàidhlig dha na cùrsaichean agus na bùthan-obrach againn, ge bi an comas. Leigibh fios chun neach-clàraidh gus mion-chunntasan ’fhaighinn.

Tha sinn a’ moladh dhuibh clàradh cho luath ’s a’s urrainn mas tòisich seisean. Tha feum aig na cùrsaichean agus na bùthan-obrach uile air cuid as lugha de chom-pàirtichean a bhith annta mus téid iad air adhart.

Dòighean Pàighidh

PayPal
Faicibh gu h-àrd

E-transfer
Gabhaidh sinn cuideachd ri airgead a chuireas tu a-null air post-d:
halifaxgaelicsociety@gmail.com

Seic
Sgoil Ghàidhlig
c/o D.M. MacDonald
35 Norman Crescent
Halifax, Nova Scotia
B3M 3E9

Airgead-làimhe
Cuir fios dhan neach-clàraidh gu bheil thu airson pàigheadh le airgead-làimhe, leis a bhith a’ fònadh: 902 443 2622.

Ath-Dhìoladhean

Théid an t-airgead gu léir a thoirt air ais ma bhios am prógram air a dhubhadh a-mach. Mur eil an com-pàirtiche riaraichte leis a’ phrógram, théid ath-dhìoladh a dhèanamh no creideas a thoirt seachad a-rèir àireamh nan seachdainean a bha an neach-ionnsachaidh an làthair.

 

Tha sinn 'n dòchas gum faic sinn a dh' aithghearr sibh.